Coimhead air an làrach-lìn ann am Beurla
Cuir FiosCeanglaichean
Tidsearan le misneachd don ath ghinealach

Fàilte

Untitled Document

Tha ùidh ann an cànan agus cultar eachdraidheil mar bhoillsgeadh grèine ann am Foghlam Gàidhlig – agus tha cothrom agad a bhith nad phàirt dheth. Cuir do thlachd agus do dhealas mu theagasg còmhla ri comas air a bhith cuideachadh gus meur shònraichte de dhualchas na h-Alba a ghleidheadh agus ath-bheothachadh. Co-dhiù ma tha thu an sàs ann am foghlam an-dràsta, a’ beachdachadh a bhith nad thidsear no a’ teagasg mar-thà, tha cothroman ann am foghlam Gàidhlig a neartaicheas barrachd air do dhreuchd.

An seo gheibh thu fiosrachadh sònraichte agus mionaideach mu theagasg Gàidhlig – na cùrsaichean trèanaidh a tha air an tairgse, taic-airgid a tha ri fhaighinn, agus cothroman-obrach a tha rin lìonadh – a bharrachd air eisimpleirean inntinneach. Leithid a dhualchas, leithid a dhìoghras, leithid a chothroman.

Cothroman Obrach Ùra

Untitled Document
Tidsear Bun-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig (2 dhreuchd)
Bun-Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
Tha Comhairle Bhaile Ghlaschu a' sireadh dà Thidsear tro Mheadhan na Gàidhlig aig Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. 1 dreuchd làn-thìde agus 1 dreuchd pàirt-thìde(0.4 suas gu an t-Ògmhios 2011). Feumar a bhith fileanta agus litearra sa Ghàidhlig airson nan dreuchdan seo. Airson tuilleadh fiosrachaidh cur fios gu ceannard na sgoile an Dr Donalda NicComb air 0141 276 8500. Mus tèid dreuchd a dhearbhadh nithear làn-sgrùdaidh a-thaobh clàran-eu-coireach tro Disclosure Scotland.