Catrìona StiùbhartRugadh is thogadh mi ann an Nis an Eilean Leòdhais. Mar mòran de chloinn a’ tòiseachadh anns an sgoil (ged nach eil cuimhne agam air an seo) ’s e fìor bheagan Beurla a bh’ agam. ’S i Gàidhlig mo chiad chànan. Ged a bhruidhneadh a’ mhòr-chuid den chloinn agus an luchd-teagaisg gu lèir Gàidhlig, b’e Beurla cànan m’ oideachaidh agus mo bheatha gus an do thòisich mi air teagasg.
Mar a bha mi dol tron sgoil ’s ann ann an saidheans a bha m’ ùidh agus nuair a dh’fhàg mi Sgoil MhicNeacail chaidh mi gu Oilthigh Ghlaschu a dh’ionnsachadh ainmh-eòlas. Cha robh mi ’g iarraidh dreuchd ann an obair-lann no ann an dlùth-choille agus chuir mi romham a dhol a theagasg. Bheireadh seo còmhla, shaoil mi, mo mheas air saidheans agus m’ fheum air a bhith timcheall air mòran dhaoine eadar-dhealaichte agus inntinneach, agus sin dha-rìribh mar a tha na sgoilearan agam!
Ged is i Gàidhlig mo chiad chànan, cha robh mi son a bhith ga bruidhinn. Tro na bliadhnaichean dh’fhàs i glè mheirgeach. Fhuair mi cothrom PGDE le Gàidhlig a dhèanamh ann an 2004 an Oilthigh Shrath Chluaidh, agus ghabh mi ris an dùbhlan. Thug e togail mhòr dhomh a’ phàirt seo de m’ eanchainn a bha na cadal a dhùsgadh às ùr. ’S dòcha gu robh mo Ghàidhlig air chall son greis, ach cha robh i air dìochuimhne.
Cha robh a’ chiad bhliadhna agam (mar mo dhreuchd san fharsaingeachd) anns an àbhaist. An àite aon sgoil-dheuchainn, fhuair mise trì! Bha mi gu bhith fad na bliadhna a’ teagasg ann an Croit na Ceàrdaich, ach bha agam ri bhith teagasg dà latha san t-seachdain ann an Cnoc na Pàirce o Lùnastal gu Nollaig agus an dèidh sin ann an Creag na Luatha. Ged nach do thuig mi e aig an àm leis an litir nam làimh, thàinig seo gu bhith na chothrom iongantach. Aig an dearbh mhionaid sin bha mi na b’ iomagainiche mu dè cho fiadhaich ’s a bhiodh a’ chlann ma bha an sgoil aca ri taobh Bharlinnie; a-mach aon doras ’s a-steach fear eile? Cha leiginn a leas a bhith air dragh a ghabhail. Bha na trì sgoiltean, an luchd-teagaisg agus a’ chlann uile mìorbhaileach. Dh’fhosgail an cothrom a bhith teagasg ann an trì sgoiltean eadar-dhealaichte mo shùilean mu na caochladh rudan air an cuir thu eòlas.
An ath bhliadhna dh’fhosgail Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu le mise aig stiùir na roinne saidheans. B’ e seo bliadhna le iomadh dùbhlan nach do rinn fiù ’s priobadh orm a’ bhliadhna roimhe sin: a’ cur air chois roinn saidheans às ùr, agus a’ cothachadh ri briathrachas saidheans ann an Gàidhlig, ag eadar-theangachadh agus, nas cudromaiche, ga thoirt còmhla son spionnadh is eòlas a thoirt dha na sgoilearan. Cha robh e furasta ach bha e togarrach.
Tha mi a-nis aig deireadh mo threas bliadhna a’ teagasg. Saoilidh mi gun do dh’ionnsaich mi barrachd anns na trì bliadhna seo na dh’ionnsaich mi anns an oilthigh. Bha am bruthach ionnsachaidh aig amannan cho cas agus gu robh mi smaoineachadh gun tuislichinn, ach chan eil e a-nis cho dona. Ma thòisicheas e a’ fàs còmhnard, bidh cothroman ann a dhèanamh cas a-rithist. Seo dreuchd anns a bheil thu ag ionnsachadh fad do bheatha. Tha mi deimhinne nach bi e gu bràth gun tlachd. Nì a’ chlann cinnteach nach bì!